2003 UNESCO Convention for the Safeguarding of the Intangible Cultural Heritage - ³Ò±ðà °ù°ù-³¦³ó³Ü²Ô²Ô³Ù²¹²õ: Gà idhlig
Updated 12 April 2025
³Ò±ðà °ù°ù-³¦³ó³Ü²Ô²Ô³Ù²¹²õ
Tha sinn airson gum bi daingneachadh Cunnradh 2003 a바카라 사이트™ tòiseachadh còmhradh air feadh na RA mu ar dualchas cultarach 바카라 사이트“ beul-aithris, cluich, cleachdaidhean agus obair-ciùird aig a bheil à ite cudromach ann an dearbh-aithne, pròis, agus co-leanailteachd choimhearsnachdan air feadh na RA 바카라 사이트“ agus mar a tha sinn a바카라 사이트™ dìon an dualchais chultarail do-bheantainn seo, ris an can sinn 바카라 사이트˜dualchas beò바카라 사이트™ còmhla.
Bha a바카라 사이트™ cho-chomhairle seo na phà irt de thoiseach a바카라 사이트™ chòmhraidh mu dhualchas beò san RA agus tha sinn air obrachadh gu dlùth leis na Riaghaltasan Tiomnaichte gus an fhreagairt seo aontachadh.
Is e raon farsaing a th바카라 사이트™ ann an dualchas beò a tha a바카라 사이트™ gabhail a-steach grunn raointean poileasaidh eadar-dhealaichte agus mar sin gu tric cha bhi freagairt ann a fhreagras air na h-uile rud, ach bidh sinn a바카라 사이트™ dèiligeadh ris na clà ran-innse agus air buileachadh a바카라 사이트™ Chunnraidh nas fharsainge leis na prionnsapalan gu bheil dualchas beò stèidhichte sa choimhearsnachd, in-ghabhalach, suimeil agus fosgailte.
B바카라 사이트™ e ar dòigh-obrach san fharsaingeachd a bhith a바카라 사이트™ cuimseachadh air cùisean practaigeach mu bhith a바카라 사이트™ stèidheachadh nan clà ran-innse agus tha sinn air phrìomh phuingean aontachadh mun adhbhar:
-
Cumaidh na clà ran-innse taic ri bhith a바카라 사이트™ comharrachadh agus ag aithneachadh dualchas beò san RA tro phròiseas 바카라 사이트˜clà radh stuic바카라 사이트™, agus cuidichidh iad le bhith a바카라 사이트™ cur ri mothachadh agus a바카라 사이트™ cumail taic do chòmhraidhean mu dhìon san à m ri teachd.
-
Chan eil na slatan-tomhais airson nithean a chur ris a바카라 사이트™ chlà r a바카라 사이트™ gabhail a-steach breithneachadh air luachan, measadh no a bhith a바카라 사이트™ seòrsachadh chudromachd, no slat-tomhais sam bith eile coltach ri seo.
-
Tha e coltach gum bi na buannachdan bho bhith anns na clà ran-innse eadar-dhealaichte airson gach nì agus coimhearsnachd, ach dh바카라 사이트™fhaodadh iad a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach barrachd mothachaidh, aithneachaidh, a bharrachd air cothroman airson barrachd com-pà irteachadh agus co-obrachaidh.
-
Thèid na clà ran-innse ùrachadh agus bidh gairmean fosgailte cunbhalach do choimhearsnachdan gus an cuid dualchais beò a chur air adhart. Chan e inneal mapaidh, no clà r de dhualchas beò san RA a th바카라 사이트™ annta agus chan eilear an dùil gum bi iad nan encyclopaediathan no nan tasglannan.
-
Ma tha nì air a ghabhail a-steach do na clà ran-innse, chan eil seo a바카라 사이트™ ciallachadh leis fhèin gu bheil uallach no dleastanas air buidheann, comann no riaghaltas sam bith taic dhìreach a thoirt dhan nì sin.
-
Tha na clà ran-innse nam pròiseasan dachaigheil a tha eadar-dhealaichte ris na liostaichean a tha air an cumail aig UNESCO.
Cumaidh sinn oirnn a바카라 사이트™ cleachdadh teacsa a바카라 사이트™ Chunnraidh airson a바카라 사이트™ mhìneachaidh aontaichte air dualchas cultarail neo-stuthach no dualchas beò, ach tha sinn cuideachd ag aithneachadh gun gabh ciall a바카라 사이트™ mhìneachaidh a thuigsinn ann an diofar dhòighean (바카라 사이트™s dòcha a dh바카라 사이트™aona ghnothach). Ach cha chleachd sinn briathran leithid 바카라 사이트˜traidiseanta바카라 사이트™, 바카라 사이트˜co-aimsireil바카라 사이트™, 바카라 사이트˜fìor바카라 사이트™ no 바카라 사이트˜dualchas바카라 사이트™ nuair a tha sinn a바카라 사이트™ mìneachadh dè tha na eisimpleir de dhualchas beò is dè nach eil no dè bu chòir a bhith anns na clà ran-innse.
Leanaidh sinn an seasamh ris an do ghabh an Cunnradh agus cha ghabh sinn ri tagraidhean airson creideamhan eagraichte agus airson siostaman creideas gu h-iomlan, ach cuiridh sinn fà ilte air tagraidhean mu chleachdaidhean cultarail co-cheangailte ri creideamh. Cuiridh sinn fà ilte air tagraidhean aig a bheil cà nan mar mheadhan, agus bheir sinn taic do ghrunn chà nanan ionadail, dùthchasach le eadar-theangachadh (a bharrachd air a bhith ag obair gu dà -chà nanach sa Chuimris a rèir riatanasan reachdail), ach cha chuir sinn a-steach na cà nanan fhèin sa chlà r-innse.
Slatan-tomhais
Bha taic là idir ann am freagairtean na suirbhidh airson nan slatan-tomhais a chaidh a mholadh le còrr is trì chairteal den luchd-fhreagairt ag aontachadh riutha. Mar thoradh air beachdan agus molaidhean, tha sinn air na slatan-tomhais a chaidh a mholadh a chumail, air dhà dhiubh a chur còmhla airson adhbharan practaigeach agus air trì a bharrachd a chur ann gus am bi cùisean nas soilleire.
-
Feumaidh e a bhith na chleachdadh aig an à m seo. Airson a bhith air a mheas airson a dhol do na clà ran-innse, feumaidh coimhearsnachd bheò a bhith aig an nì aig a bheil eòlas air mar a nithear an nì, agus as urrainn an rud a thar-chur do na ginealaichean ri teachd. Bu chòir do thagraidhean fiosrachadh a thoirt seachad mu bheothalachd an nì aig an à m seo agus san à m ri teachd, agus a bhith a바카라 사이트™ cur an cèill a bheil a바카라 사이트™ choimhearsnachd a tha a바카라 사이트™ cur a-steach an nì den bheachd gu bheil e ann an cunnart, m.e. a bheil e ann an cunnart a dhol bà s gun atharrachadh mòr air an ìre tar-chur là ithreach.
-
Faodaidh e bhith bho à ite sam bith aig à m sam bith, ach feumaidh fiosrachadh a bhith ann mu eachdraidh agus tar-chur taobh a-staigh na coimhearsnachd buntainnich. Chan fheum an rud a bhith de dh바카라 사이트™aois sònraichte no a bhith air a thoirt seachad à ireamh sònraichte de thursan eadar ginealaichean agus faodaidh e a bhith bho à ite sam bith agus bho dhuine sam bith.
-
Feumaidh gur e an cleachdadh beò fhèin a bhios ann. Bu chòir tagradh do na clà ran-innse a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach fiosrachadh mu eileamaidean co-cheangailte ris an nì far a bheil sin iomchaidh, ach chan urrainn dha a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach innealan, ionnstramaidean, èideadh, stuthan is eile co-cheangailte ris a-mhà in no a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach toradh, bathair no stuth a chaidh a chruthachadh mar thoradh air an dualchas bheò a-mhà in.
-
Feumaidh e a bhith a rèir inbhean chòraichean daonna a chaidh aontachadh gu h-eadar-nà iseanta. Mar eisimpleir, feumaidh e a bhith a rèir còraichean dhaoine eile a bhith gun lethbhreith agus a bhith a바카라 사이트™ faighinn là imhseachadh co-ionann, a rèir prìobhaideachd, saorsa smaoineachaidh agus cur an cèill, agus a rèir na còrach com-pà irteachadh ann am beatha shòisealta agus chultarach.
-
Feumaidh cead fiosraichte a bhith ann bhon choimhearsnachd ro là imh. Feumaidh an tagradh fianais a thoirt seachad gu bheil a바카라 사이트™ choimhearsnachd aig a bheil an cleachdadh air cead a thoirt seachad gun tèid an nì dualchas beò a chur a-steach do na clà ran-innse.
-
Feumaidh buannachd choimeirsealta sam bith bho nì an dualchais bheò a bhith airson prìomh bhuannachd na coimhearsnachd.
Còd Beusachd
Chuala sinn cuideachd grunn bheachdan agus mholaidhean co-cheangailte ri slatan-tomhais eile, ach bha dìth co-aonta no dìth bunait oibseactach ann airson nì a mheasadh mu choinneamh nan slatan-tomhais, agus mar sin an à ite sin tha sinn air còd beusachd a chur ri chèile.
Bu chòir coimhearsnachdan a tha a바카라 사이트™ dèanamh tagraidhean beachdachadh air a바카라 사이트™ chòd beusachd, agus dh바카라 사이트™fhaodadh e cuideachadh còmhraidhean fhiosrachadh san à m ri teachd mu dhìon, ach cha bhi e na phà irt de na slatan-tomhais airson a bhith a바카라 사이트™ cur rudan ris na clà ran-innse.
-
Bu chòir spèis a thoirt do bheathaichean, nà dar, agus dhan à rainneachd.
-
Bu chòir dha urram a thoirt do na frèaman laghail nà iseanta là ithreach agus a bhith ag adhartachadh deagh shlà inte, sunnd agus sà bhailteachd dhaibh fhèin agus do dhaoine eile.
-
Bu chòir dha cur ri sìth, spèis, co-leanailteachd sòisealta agus in-ghabhail, agus leth-bhreith a sheachnadh taobh a-staigh an cleachdaidhean dualchais beò fhèin, ann an coimhearsnachdan nas fharsainge, agus nuair a bhios iad a바카라 사이트™ co-obrachadh le cleachdaichean dualchais beò eile.
¸é´Ç¾±²Ô²Ô±ð²¹²Ô-²õ±ðò°ù²õ²¹
Bha na prìomh chòmhraidhean sa chuspair seo a바카라 사이트™ gabhail a-steach a bhith a바카라 사이트™ faighinn cothromachadh eadar a bhith a바카라 사이트™ cumail nan roinnean-seòrsa aig UNESCO airson co-obrachadh furasta, agus a bhith a바카라 사이트™ dèanamh cinnteach gu bheil na roinnean-seòrsa agus am briathrachas cho feumail agus cho ruigsinneach 바카라 사이트™s a ghabhas airson co-theacs na RA.
Cumaidh sinn na còig roinnean-seòrsa aig UNESCO agus cuiridh sinn dà a bharrachd ann: 바카라 사이트˜Spòrs is Geamannan바카라 사이트™ agus 바카라 사이트˜Cleachdaidhean Bìdh is Dighe바카라 사이트™. Cuiridh sinn ainmean ùra air na roinnean-seòrsa agus sìmplichidh sinn am briathrachas, a바카라 사이트™ gabhail a-steach a bhith a바카라 사이트™ toirt iomradh soilleir air Tìr is Creideamh.
-
Beul-aithris Dualchas beò co-cheangailte ri conaltradh labhairteach agus neo-labhairteach a thathar a바카라 사이트™ cleachdadh gus eòlas, luachan cultarail is sòisealta agus cuimhne choitcheann a thoirt air adhart. Dh바카라 사이트™fhaodadh eisimpleirean a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach seanfhacail, tòimhseachain, òrain, rannan chloinne, no seanchas.
-
Na h-ealain-chluiche Dualchas beò co-cheangailte ri cluiche agus cruthachalachd daonna. Dh바카라 사이트™fhaodadh eisimpleirean a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach diofar chleachdaidhean ciùil, dannsa no drà ma.
-
Cleachdaidhean Sòisealta Dualchas beò a tha gu tric air a cho-roinn agus anns an gabh buidheann pà irt. Dh바카라 사이트™fhaodadh eisimpleirean a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach cleachdaidhean mìosachain no rà itheil, fèisean, tachartasan comharrachaidh no deas-ghnà than.
-
Nà dar, Tìr, agus Spioradalachd Dualchas beò co-cheangailte ris an à rainneachd agus ri creideamh. Dh바카라 사이트™fhaodadh eisimpleirean a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach dòighean togail, siostam stiùireadh fearainn, eòlas mu chuid de bheathaichean is lusan is eag-eòlasan.
-
°ä±ðà °ù»å²¹²Ô Dualchas beò co-cheangailte ri sgilean, eòlas agus a bhith a바카라 사이트™ dèanamh rudan, an dà rna cuid le là imh no le taic bho innealan. Dh바카라 사이트™fhaodadh eisimpleirean a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach cleachdaidhean sònraichte co-cheangailte ri fighe, snaidheadh fiodha, crèadhadaireachd, goibhneachd no clachaireachd.
-
Spòrs is Geamannan Dualchas beò co-cheangailte ri geamannan, co-fharpaisean no gnìomhan a dh바카라 사이트™fheumas oidhirp chorporra agus/no sgil. Dh바카라 사이트™fhaodadh eisimpleirean a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach tachartasan spòrs no geamannan mar chur-seachad.
-
Cleachdaidhean Bìdh is Dighe Dualchas beò co-cheangailte ri ullachadh agus caitheamh bìdh is deoch. Dh바카라 사이트™fhaodadh eisimpleirean a bhith a바카라 사이트™ gabhail a-steach a bhith a바카라 사이트™ dèanamh biadh sònraichte no a바카라 사이트™ roinn biadh is deoch gu sòisealta.
Na h-ath cheuman
Foillsichidh sinn barrachd fiosrachaidh agus stiùiridh air mar a chuirear ris clà ran nuair a dh바카라 사이트™fhosglas sinn a바카라 사이트™ ghairm airson tagraidhean nas fhaide air adhart am-bliadhna.